Wigtown Poetry Prizes General Rules
 
 
 - Fosgailte do thagraidhean bhon 30 Samhain 2023.
 
 - Dùinte do thagraidhean air 6 Cèitean 2024.
 
 - Bàrdachd air cuspair sam bith.
 
Chan fhaod dàin a bhith air am foillseachadh, air an gabhail ris airson foillseachadh, no a bhith ann am farpais eile. Ma bhios iad ann am farpais eile bidh agaibh rin tarraing à farpais bàrdachd Wigtown. Post D: mail@wigtownbookfestival.com
 
 - Feumaidh tagraichean a bhith 16 bliadhna a dh’aois no nas sine.
 
 - Faodaidh sibh àireamh sam bith de dhàin a chur ann, gu gach roinn, cho fada ’s a tha an t-airgead ceart air a phàigheadh.
 
 - Chan fhaod sibh bàrdachd atharrachadh an dèidh an cur a-steach dhan fharpais.
 
 - Bidh an dlighe-sgrìobhaidh a’ fantainn leis an sgrìobhadair, ach bidh feum aig an luchd- bhuannachaidh cead a thoirt do Wigtown Festival Company bàrdachd a chleachdadh airson aon bhliadhna bho 4 Dàmhair 2024, agus cead a thoirt seachad gus an nochd bàrdachd anns an iris “Southlight”.
 
 - Bidh gèarr-liosta a’ nochdadh air làrach-lìn Wigtown Festival Company, agus thèid fios a chur do sgrìobhadairean soirbheachail aon mhìos ro latha nan duaisean.
 
 - Bidh an luchd-buannachaidh a’ nochdadh aig latha nan duaisean, agus bidh cuireadh gu gach neach air a’ ghèarr-liosta. Bidh dùil aig gun leugh an neach-buannachaidh an dàn soirbheachail a-mach air latha nan duaisean.
 
 - Bidh fios ann an labhairt mu dheidhinn an luchd-bhuannachaidh air làrach-lìn Wigtown Festival Company agus air na naidheachdan an dèidh latha nan duaisean.
 
 - Dh’fhaodadh cuireadh a bhith ann don luchd-bhuannachaidh pàirt a ghabhail ann an StAnza ann an 2025, tachartas eadar-nàiseanta, ach bidh an co-dhùnadh an urra ri StAnza.
 
 
Na Riaghailtean:
 
 
 - airson eadar-nàiseanta, Gàidhlig, agus Beurla-Albais, bidh agaibh ri gach dàn air .PDF fa-leth.
 
 - airson Farpais Alasdair Reid agus Guthan ùra, bidh feum aig gach cruinneachadh a bhith air an aon .PDF.
 
 - Chan fhaod sibh ur n-ainm a chur air an dàn no air an fhaidhle: thèid breithneachas a dhèanamh air bàrdachd gun urra.
 
 - Feumaidh an tiotal air an dàn no air an cruinneachadh a-mhàin a bhith a’ nochdadh.
 
 - Nach pàigh sibh air-loidhne airson gach tagradh.
 
 
Farpais Bàrdachd Gàidhlig Wigtown
Wigtown Gaelic Poetry Prize
 
Prìomh dhuais: £500
Dàrna duais: £200
 
 - Bidh an fharpais fosgailte do dhaoine air feadh an t-saoghail.
 
 - Feumaidh bàrdachd a bhith dà-fhicead loidhne no nas giorra. Chan eil an tiotal mar phàirt den 40 loidhne.
 
 - Feumaidh bàrdachd a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba. Faodaidh sibh eadar- theangachadh Beurla a chur nan lùib, ach chan eil e deatamach, agus feumaidh iad a bhith 40 loidhne no nas giorra.
 
 - Chan fhaod duine a tha ag obair do Wigtown Festival Company no Comhairle nan Leabhraichean, no a tha air comataidh na farpais no air bòrd Wigtown Festival Company tagradh a chur ann
 
 - Bidh gach dàn a’cosg £7 ri chur a-steach.